Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 13:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu àite na h‑altarach a rinn e an sin air tùs: agus ghairm Abram an sin air ainm an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna.

Agus thog e altair an sin, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e an sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar an sin.

Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!

O gum moladh daoine Dia airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!

Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi.

A chionn gun d’aom e a chluas rium, uime sin rim bheò èighidh mi ris.

Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan.

A Thighearna, is ionmhainn leam còmhnaidh do thaighe-sa, agus ionad pàillean do ghlòire.

Oir is fheàrr là ad chùirtean na mìle; b’fheàrr leam a bhith ri dorsaireachd ann an taigh mo Dhè na a bhith am chòmhnaidh ann am pàilleanan aingidheachd;

An sin gairmidh tu, agus freagraidh an Tighearna; glaodhaidh tu, agus their e, Tha mise an seo. Ma chuireas tu air falbh as do mheadhon a’ chuing, tomhadh a’ mheòir, agus labhairt toibheim;

An sin gairmidh sibh orm, agus thèid sibh agus nì sibh ùrnaigh rium, agus èisdidh mise ribh.

Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn.

A‑chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh ann an Iosa Crìosd, air an gairm gu bhith nan naoimh, maille riùsan uile a tha a’ gairm air ainm ar Tighearna Iosa Crìosd anns gach àite, an Tighearna-san, agus ar Tighearna-ne:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan