Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 13:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Abram ro‑shaoibhir ann an sprèidh, ann an airgead, agus ann an òr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus bhuin e gu math ri Abram air a sgàth-se: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhireann, agus òglaich, agus banoglaich, agus asail bhoireann, agus càmhail.

Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan, gu còmhnaidh a ghabhail cuideachd: oir bha am maoin mòr, agus cha b’urrainn iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd.

Agus bha Abrahàm sean, agus air teachd gu aois mhòir, agus bheannaich an Tighearna Abrahàm anns na h‑uile nithean.

Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail;

Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach. Agus ghabh na Philistich farmad ris.

Agus dh’fhàs an duine ro‑shaoibhir; agus bha mòran sprèidhe aige, agus banoglaich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail.

Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr:

Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.

Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Ach cuimhnichidh tu an Tighearna do Dhia: oir is esan a bheir comas dhut beartas fhaghail, a‑chum is gun daingnich e a choicheangal a mhionnaich e dod athraichean, mar air an là‑an‑diugh.

Oir tha an cleachdadh corporra tairbheach a‑chum beag nithean; ach tha an diadhachd tairbheach a‑chum nan uile nithean, aig a bheil gealladh na beatha a tha an làthair, agus a‑chum teachd.

Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan