Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 13:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, an dèidh do Lot dealachadh ris, Tog a‑nis suas do shùilean, agus amhairc on àit anns a bheil thu, gu tuath, agus gu deas, agus gus an àird an ear, agus an iar:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar.

Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd.

Tog suas do shùilean, agus faic; tha iad seo uile air an cruinneachadh ri chèile, tha iad a’ teachd ad ionnsaigh. Mar as beò mise, deir an Tighearna, sgeadaichidh tu thu fhèin leo uile, mar le culaidh rìomhaich; agus ceanglaidh tu iad umad, mar a nì bean-bainnse a seudan.

Tog suas do shùilean mun cuairt, agus faic; tha iad uile air an cruinneachadh ri chèile; tha iad a’ teachd ad ionnsaigh; thig do mhic o chèin, agus bidh do nigheanan air an giùlan air an leis.

Falbh suas gu mullach Phisgah, agus tog suas do shùilean ris an àird an iar, agus ris an àird a tuath, agus ris an àird a deas, agus ris an àird an ear, agus amhairc led shùilean; oir cha tèid thu thar Iòrdan seo.

Agus chaidh Maois suas o chòmhnardan Mhòaib gu sliabh Nebo, gu mullach Phisgah, a tha thall fa chomhair Iericho: agus nochd an Tighearna dha fearann Ghilead uile gu Dan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan