Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 13:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ghabh Abram còmhnaidh ann an tìr Chanàain, agus ghabh Lot còmhnaidh ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus shuidhich e a bhùth aig Sòdom.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thagh Lot dha fhèin còmhnard Iòrdain uile; agus ghabh Lot a thuras don àird an ear: agus dhealaich na càirdean ri chèile.

Agus thug iad leo Lot, mac bràthair Abraim, a bha a chòmhnaidh ann an Sòdom, agus a mhaoin, agus dh’imich iad.

Gun do rinn iad sin cogadh ri Bera rìgh Shòdoim, agus ri Birsa rìgh Ghomorrah, Sinab rìgh Admah, agus Semeber rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela, eadhon Shòair.

Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.

An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan:

Agus sgrios e na bailtean sin, agus an còmhnard uile, agus uile luchd-àiteachaidh nam bailtean, agus na dh’fhàs air an talamh.

Agus nuair a sgrios Dia bailtean a’ chòmhnaird, an sin chuimhnich Dia air Abrahàm, agus chuir e a‑mach Lot à meadhon an lèirsgrios, nuair a sgrios e na bailtean anns an robh Lot na chòmhnaidh.

Is beag orm coitheanal luchd-uilc, agus le daoine aingidh cha suidh mi.

Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan