Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 13:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thagh Lot dha fhèin còmhnard Iòrdain uile; agus ghabh Lot a thuras don àird an ear: agus dhealaich na càirdean ri chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar.

Ghabh Abram còmhnaidh ann an tìr Chanàain, agus ghabh Lot còmhnaidh ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus shuidhich e a bhùth aig Sòdom.

Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, an dèidh do Lot dealachadh ris, Tog a‑nis suas do shùilean, agus amhairc on àit anns a bheil thu, gu tuath, agus gu deas, agus gus an àird an ear, agus an iar:

Nach eil an tìr uile romhad? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tusa a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, an sin thèid mise a dh’ionnsaigh na làimhe deise; agus ma thèid thusa a dh’ionnsaigh na làimhe deise, an sin gabhaidh mise a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe.

Agus nuair a thug iad a‑mach iad, thubhairt e, Teich airson d’anama; na seall ad dhèidh, agus na stad anns a’ chòmhnard uile; teich don t‑sliabh, air eagal gum millear thu.

Is fear-comainn mi dhaibhsan uile air am bi d’eagal, agus dhaibhsan a ghleidheas do reachdan.

A‑thaobh nan naomh a tha air thalamh agus nam flath, tha mo thlachd uile annta.

Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as.

Agus an taobh an ear tòimhsidh sibh o Hauran, agus o Dhamascas, agus o Ghilead, agus o fhearann Israeil làimh ri Iòrdan, on chrìch gu ruig an fhairge an ear: agus seo an taobh an ear.

Gun a bhith a’ leigeadh dhinn sinn fhèin a chruinneachadh an ceann a chèile, mar as gnàth le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh a chèile: agus gum bu mhò a nì sinn seo, gu bheil sibh a’ faicinn an là a’ tarraing am fagas.

Thugaibh urram do na h‑uile dhaoine. Gràdhaichibh na bràithrean. Biodh eagal Dhè oirbh. Thugaibh urram don rìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan