Genesis 13:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar. Faic an caibideil |
Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu.