Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba.
Agus chuir Maois iad a ghabhail beachd air talamh Chanàain, agus thubhairt e riu, Rachaibh suas anns an t‑slighe seo mu dheas, agus gabhaibh suas a‑chum na beinne;
Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil.
Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath.
Agus thubhairt Achis, Càit an do bhris sibh a‑steach an‑diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas de Iùdah, agus air an taobh deas de na Ierahmeelich, agus air an taobh deas de na Cenich.