Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 12:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Canàan Sìdon a chiad-ghin, agus Het,

Agus bha còmhstri eadar buachaillean sprèidh Abraim agus buachaillean sprèidh Lot: agus bha an Canàanach agus am Peridseach anns an àm sin a chòmhnaidh anns an tìr.

Agus thàinig Iàcob do Shàlem, baile Shecheim a tha ann an tìr Chanàain, nuair a thàinig e o Phadan-àram; agus shuidhich e a bhùth fa chomhair a’ bhaile.

Agus nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir, an t‑Hibheach, uachdaran na tìre, i, ghabh e i, agus laigh e leatha, agus thruaill e i.

Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid orm lem dhèanamh gràineil am measg luchd-àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh.

Agus thug iad do Iàcob na diathan coimheach uile a bha nan làimh, agus an cluas-fhàinnean a bha nan cluasan; agus dh’fhalaich Iàcob iad fon daraig a bha làimh ri Sechem.

Agus chaidh Rehobòam do Shechem: oir thàinig Israel uile gu Sechem ga dhèanamh na rìgh.

Agus thog Ierobòam Sechem ann an sliabh Ephraim, agus chòmhnaich e ann; agus chaidh e a‑mach as a sin, agus thog e Penuel.

Labhair Dia, na naomhachd: nì mi aoibhneas; roinnidh mi Sechem, agus tomhaisidh mi gleann Shucoit.

Agus amhail a dh’fheitheas buidheann airson duine, tha cuideachd nan sagart a’ marbhadh anns an t‑slighe gu Sechem a dh’aon-bheachd; oir rinn iad aingidheachd gu dàna.

An sin thàinig e gu baile a bhuineadh do Shamaria, ris an abrar Sichar, am fagas don fhearann a thug Iàcob da mhac Iòseph.

Agus ghiùlaineadh thairis iad gu Sichem, agus chuireadh iad anns an àit-adhlaic a cheannaich Abrahàm air suim airgid o mhic Emoir, athair Shicheim.

Nach eil iad air an taobh eile de Iòrdan, leth ri slighe dol fodha na grèine, ann an tìr nan Canàanach, a tha ag àiteachadh a’ chòmhnaird fa chomhair Ghilgail, làimh ri còmhnardan Mhòreh?

Tre chreideamh bha e air chuairt ann an tìr a’ gheallaidh, mar ann an tìr choimhich, a’ gabhail còmhnaidh ann am pàilleanan maille ri Isaac agus Iàcob, co‑oighreachan a’ gheallaidh cheudna.

Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.

Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Iòseiph, a thug clann Israeil a‑nìos as an Eiphit, ann an Sechem, ann am mìr fearainn a cheannaich Iàcob o mhic Hamoir, athair Shecheim, airson ceud bonn airgid; agus bha e na oighreachd aig cloinn Iòseiph.

An sin dh’èirich Ierubàal, eadhon Gideon, agus an sluagh uile a bha maille ris, suas gu moch, agus champaich iad làimh ri tobar Haroid: agus bha feachd nam Midianach air an taobh mu thuath dhiubh, làimh ri sliabh Mhòreh, anns a’ ghleann.

Agus chaidh Abimelech mac Ierubàail do Shechem, gu bràithrean a mhàthar, agus labhair e riu, agus ri teaghlach taigh athair a mhàthar uile, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan