Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris; agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram còig-bliadhna-deug agus trì-fichead a dh’aois nuair a chaidh e a‑mach à Hàran.
Agus ghabh Tèrah Abram a mhac, agus Lot mac Hàrain, mac a mhic, agus Sàrai a bhan-chliamhainn, bean Abraim a mhac; agus chaidh iad a‑mach maille riu à Ur nan Caldèach, gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad gu Hàran, agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
Agus ghabh Sàrai, bean Abraim, Hàgar a’ bhan-Eiphiteach, a banoglach fhèin, an dèidh do Abram còmhnaidh a ghabhail deich bliadhna ann an tìr Chanàain, agus thug i i da fear Abram gu bhith aige mar mhnaoi.
An sin chaidh esan a‑mach à talamh nan Caldèanach, agus ghabh e còmhnaidh ann an Haran: agus as a sin, an dèidh bàs a athar, dh’atharraich e e don fhearann seo anns a bheil sibhse a‑nis nur còmhnaidh.
Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.