Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.
Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.
Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard-dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr.
Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.
Agus nuair a sgrios Dia bailtean a’ chòmhnaird, an sin chuimhnich Dia air Abrahàm, agus chuir e a‑mach Lot à meadhon an lèirsgrios, nuair a sgrios e na bailtean anns an robh Lot na chòmhnaidh.
Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail;
Bi air chuairt anns an tìr seo, agus bidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile, agus coileanaidh mi na mionnan a mhionnaich mi dod athair Abrahàm:
Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn;
Dèanadh slòigh seirbhis dhut, agus strìochdadh cinnich dhut; bi ad uachdaran air do bhràithrean, agus cromadh mic do mhàthar sìos dhut: mallaichte gu robh gach neach a mhallaicheas thu, agus beannaichte gu robh gach neach a bheannaicheas thu.
Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd.
Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.
Agus bha mi maille riut anns gach àite don deachaidh tu, agus gheàrr mi as do nàimhdean uile od fhianais, agus rinn mi dhut ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.
Agus os bàrr, thàinig seirbhisich an rìgh a bheannachadh ar tighearna rìgh Daibhidh, ag ràdh, Gun dèanadh Dia ainm Sholaimh nas fheàrr na d’ainm-sa, agus gun àrdaicheadh e a rìgh-chathair os cionn do rìgh-chathrach-sa: agus chrom an rìgh e fhèin air an leabaidh.
Agus nì mi iadsan agus na h‑ionadan timcheall mo shlèibh nam beannachadh; agus bheir mi air an fhrois teachd a‑nuas na h‑àm: bidh frasan de bheannachdan ann.
Agus tàrlaidh, mar a bha sibh nur mallachadh am measg nan cinneach, O thaigh Iùdah, agus a thaigh Israeil, is amhail a shaoras mise sibh, agus bidh sibh nur beannachadh. Na biodh eagal oirbh, biodh ur làmhan làidir.
Agus fhuair e comharradh an timcheall-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo-thimcheall-ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:
Agus freagraidh tu agus their thu an làthair an Tighearna do Dhia, Bu Shirianach air sheòl a bhith caillte m’athair, agus chaidh e sìos don Eiphit, agus bha e air chuairt an sin le beagan cuideachd, agus dh’fhàs e an sin na chinneach mòr, cumhachdach, agus lìonmhor: