Carson a thubhairt thu, Is i mo phiuthar i? Mar sin dh’fhaodainn a gabhail am ionnsaigh mar mhnaoi; a‑nis, matà, feuch do bhean; gabh i, agus bi ag imeachd.
Agus ghairm Phàraoh air Abram, agus thubhairt e, Ciod e seo a rinn thu orm? Carson nach d’innis thu dhomh gum b’i seo do bhean?
Agus thug Phàraoh àithne da dhaoine ma thimcheall: agus chuir iad air falbh e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige.
Agus ghabh Abimelech caoraich agus buar agus òglaich agus banoglaich, agus thug e iad do Abrahàm, agus thug e air a h‑ais dha Sàrah a bhean.
Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.