Carson a thubhairt thu, Is i mo phiuthar i? Mar sin dh’fhaodainn a gabhail am ionnsaigh mar mhnaoi; a‑nis, matà, feuch do bhean; gabh i, agus bi ag imeachd.
Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.
Agus anns a’ mhadainn, feuch, b’i Lèah a bha ann; agus thubhairt e ri Làban, Ciod e seo a rinn thu orm? Nach ann airson Racheil a rinn mi seirbhis dhut? Agus carson a mheall thu mi?
Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Ciod seo a rinn thu, gun do ghoid thu air falbh gun fhios dhomh, agus gun tug thu leat mo nigheanan, mar bhraighdean a thugadh a‑mach leis a’ chlaidheamh?
An sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Ciod e a rinn thu? Feuch, thàinig Abner ad ionnsaigh; carson seo a chuir thu air falbh e, agus gun amharas dh’imich e?
Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e.
Agus cha dèan sibh coicheangal sam bith ri luchd-àiteachaidh na tìre seo; tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha tug sibh gèill dom ghuth: carson a rinn sibh seo?
An sin thubhairt Saul ri Ionatan, Innis dhomh ciod a rinn thu. Agus dh’innis Ionatan dha, agus thubhairt e, Gu deimhinn le bàrr na slaite a bha am làimh bhlais mi beagan meala, agus, feuch, am faigh mi bàs?