Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.
Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre.
Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.
Agus thubhairt Daibhidh na chridhe, A‑nis tuitidh mi là‑eigin an làimh Shauil: chan eil nì air bith as fheàrr dhomh na mi a dhol as gu luath do dhùthaich nam Philisteach, a‑chum gun leig Saul dheth mise iarraidh nas mò ann an crìch air bith de Israeil, agus gun tèid mi as o a làimh.