Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 12:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha e dlùth do dhol a‑steach don Eiphit thubhairt e ri Sàrai a bhean, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur bean mhaiseach thusa ri amharc ort:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig Abram don Eiphit, chunnaic na h‑Eiphitich a’ bhean, gu robh i ro‑mhaiseach.

Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e.

Agus thubhairt Abrahàm mu Shàrah a bhean, Is i mo phiuthar i: agus chuir Abimelech righ Ghèrair teachdaire uaithe, agus ghabh e Sàrah.

Agus bha a’ chailinn ro‑mhaiseach ri amharc oirre, òigh, agus cha b’aithne do fhear riamh i: agus chaidh i sìos don tobar, agus lìon i a soitheach, agus thàinig i a‑nìos.

Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre.

Agus bha sùilean Lèah anfhann, ach bha Rachel maiseach na dealbh agus sgiamhach na gnùis.

Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad.

Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre.

Agus bha a’ ghruagach ro‑mhaiseach, agus dh’eiridinn i an rìgh, agus fhritheil i dha; ach cha d’aithnich an rìgh i.

Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.

Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.

Tha mo ghràdh dhòmhsa mar bhasgaid den chrann-champhir ann am fìonliosan En‑gedi.

A‑nis b’e ainm an duine Nàbel, agus ainm a mhnà Abigail; agus bha i na mnaoi aig an robh deagh-thuigse, agus maiseach na dealbh; ach bha an duine iargalta agus olc na ghnìomharan; agus bha e de thaigh Chàleib.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan