Agus bha a’ ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dh’fhosgail Iòseph na taighean-taisge uile, agus reic e ris na h‑Eiphitich: agus bhuadhaich a’ ghorta ann an tìr na h‑Eiphit.
Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich.
Agus thill Elisa gu Gilgal; agus bha gorta anns an tìr, agus bha mic nam fàidh nan suidhe fa chomhair: agus thubhairt e ra òglach, Cuir air a’ phoit mhòr, agus bruith brochan do mhic nam fàidh.
Agus bha gorta mhòr ann an Samaria; agus, feuch, theannaich iad e, gus an robh ceann asail air a reic air ceithir-fichead bonn airgid, agus an ceathramh cuid de chab de aolach chalman air còig buinn airgid.
Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.
A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
A‑nis ri linn nam britheamhan, bha gort anns an tìr: agus chaidh duine àraidh de Bhetlehem Iùdah gu bhith air chuairt ann am fearann Mhòaib, e fhèin agus a bhean, agus a dhithis mhac.