Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 12:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, Rach a‑mach as do dhùthaich, agus od dhìlsean, agus à taigh d’athar, don tìr a nochdas mise dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna a thug a‑mach thusa à Ur nan Caldèach, a thoirt dhut an fhearainn seo a‑chum a shealbhachadh mar oighre.

Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e.

Ach thèid thu a dh’ionnsaigh taigh m’athar, agus a dh’ionnsaigh mo dhìlsean, agus gabhaidh tu bean dom mhac.

Ach thèid thu dom dhùthaich fhèin, agus a‑chum mo luchd-dàimh, agus gabhaidh tu bean dom mhac Isaac.

An Tighearna, Dia nèimh a thug mise o thaigh m’athar, agus o thìr mo dhìlsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Dod shliochd bheir mi am fearann seo; cuiridh esan a aingeal fhèin romhad, agus gabhaidh tu bean dom mhac as a sin.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha agus thubhairt e, Na rach sìos don Eiphit: gabh còmhnaidh anns an tìr a dh’innseas mise dhut:

Is tu fhèin an Tighearna, an Dia, a thagh Abram, agus a thug a‑mach e à Ur nan Caldèanach, agus a thug Abrahàm mar ainm air.

An do theasairg diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean-sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus mic Edein a bha ann an Telasar?

Thusa, a stiùir mi o iomallan na talmhainn, agus a ghairm mi o mheasg a maithean; agus thubhairt mi riut, Is tu m’òglach; roghnaich mi thu, agus cha do chuir mi cùl riut:

Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar, agus bheannaich mi e, agus rinn mi lìonmhor e.

A mhic an duine, tha iadsan a tha ag àiteachadh nan ionadan fàsa sin de fhearann Israeil a’ labhairt, ag ràdh, Bha Abrahàm na aonar, agus shealbhaich e am fearann: ach tha sinne lìonmhor, thugadh am fearann dhuinn mar sheilbh.

Agus thubhairt e ris, Cha tèid mi maille ribh: ach imichidh mi a‑chum mo dhùthcha fhèin, agus a‑chum mo dhìlsean fhèin.

Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,

Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.

Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh, Thigibh a‑mach aisde, mo phoball, a‑chum nach bi sibh com-pàirteach de a peacaidhean, agus nach faigh sibh cuid de a plàighean;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan