Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.
Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile.
Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.
Nuair a roinn an Tì as ro‑àirde do na cinnich an oighreachd, nuair a sgar e mic Adhaimh o chèile, shuidhich e crìochan nan sluagh a rèir àireamh chloinn Israeil: