Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 11:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a‑chum is nach tuig iad cainnt a chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Dèanamaid duine nar dealbh fhèin, a rèir ar coslais fhèin, agus biodh uachdaranachd aca os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn na sprèidhe, agus os cionn na talmhainn uile, agus os cionn gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh.

Is iad sin mic Ham, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, agus nan cinnich.

Is iad sin teaghlaichean mic Nòah, a rèir an ginealaichean, nan cinnich: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh an dèidh na dìle.

Leo sin roinneadh eileanan nan cinneach nan tìrean fhèin; gach aon a rèir a theanga, a rèir an teaghlaichean, nan cinnich.

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas a dh’fhaicinn a’ bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.

Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh:

Agus cha robh fhios acasan gu robh Iòseph gan tuigsinn; oir bha eadar-theangair eatorra.

Atharraichidh e cainnt nam fìrinneach, agus bheir e air falbh tuigse nan aosmhor.

An tì a tha na shuidhe air nèamh, nì e gàire; nì an Tighearna fanaid orra.

Rinn an Tighearna comhairle nan cinneach faoin; thug e innleachdan an t‑sluaigh gu neoni.

Sgrios, a Thighearna, agus roinn an teanga, oir chunnaic mi fòirneart agus connsachadh anns a’ bhaile.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò a rinn beul an duine? No cò a rinn am balbh, no am bodhar, no an tì a chì, no an dall? Nach mise, an Tighearna?

Chan fhaic thu sluagh borb; luchd na cainnte domhain, nach b’urrainn thu a chluinntinn; luchd na teanga manntaich, nach b’urrainn thu a thuigsinn.

Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.

Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad.

Uime sin ma chruinnicheas an eaglais uile anns an aon àit, agus ma labhras iad uile le teangaidhean coimheach, agus gun tig dream a tha gun fhòghlam a‑steach, no daoine mì‑chreidmheach, nach abair iad gu bheil sibh air a’ chuthach?

Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan