Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 11:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a‑nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h‑aon fhacail aig gach neach.

Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh:

Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.

Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

Is iad sin triùir mhac Nòah: agus leo sin lìonadh an talamh uile.

Agus nuair a bha e mu mheadhon-là, rinn Eliah fanaid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd; oir is dia e: an dara cuid tha e a’ beachd-smaoineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thuras, no theagamh gu bheil e na chadal, agus gum feumar a dhùsgadh.

Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.

Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e.

Nochd e neart le a ghàirdean, sgap e na h‑uaibhrich ann an smaointean an cridhe fhèin.

Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;

Rachaibh agus gairmibh air na diathan a roghnaich sibh: saoradh iad sibh ann an àm ur teanntachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan