Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 11:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.

Agus fhuair Daibhidh ainm dha fhèin, nuair a thill e o bhualadh nan Edomach ann an gleann an t‑salainn, ochd-mìle-deug fear.

Thèid iad suas do na nèamhan, thèid iad sìos do na doimhneachdan; le àmhghar leaghaidh an anam.

Oir feuch do naimhdean, a Thighearna, oir feuch do naimhdean, sgriosar iad; sgapar uile luchd-dèanamh na h‑euceirt.

Bidh cuimhne an fhìrein beannaichte; ach lobhaidh ainm nan aingidh.

Ged èireadh Bàbilon suas gu ruig na nèamhan, agus ged dhaingnicheadh i gu h‑àrd a neart, uamsa thig luchd-creachaidh da h‑ionnsaigh, deir an Tighearna.

Dh’fhàs a’ chraobh, agus bha i làidir, agus ràinig a h‑àirde gu nèamh, agus a sealladh gu crìch na talmhainn uile:

Is tusa sin, O rìgh, a tha air fàs agus air cinntinn làidir: oir tha do mheud air fàs, agus a’ ruigheachd gu nèamh, agus d’uachdaranachd gu crìch na talmhainn.

Uime sin, O rìgh, biodh mo chomhairle-sa taitneach leat, agus bris air falbh do pheacaidhean le fìreantachd, agus d’euceartan le tròcair a nochdadh do na bochdan, a dh’fheuchainn am buanaichear do shìochaint.

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?

Nochd e neart le a ghàirdean, sgap e na h‑uaibhrich ann an smaointean an cridhe fhèin.

Cionnas a dh’fhaodas sibh creidsinn, a tha a’ gabhail urraim o chèile, agus nach eil ag iarraidh an urraim a thig o Dhia a‑mhàin?

Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì-mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.

Agus sgapaidh an Tighearna sibh am measg nan cinneach, agus fàgar sibh tearc an àireamh am measg nan cinneach, far an toir an Tighearna sibh.

Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan