Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 11:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan-creadha, agus làn-loisgeamaid iad. Agus bha a’ chlach-chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a‑chum is nach tuig iad cainnt a chèile.

Agus bha gleann Shidim làn de shluic làthaich; agus theich rìgh Shòdoim agus rìgh Ghomorrah, agus thuit iad an sin; agus iadsan a mhair, theich iad don t‑sliabh.

Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus chuir e iad fo shàbhan, agus fo innealan-bualaidh iarainn, agus fo thuaghan iarainn, agus thug e orra dol tro àth nan clachan-creadha; agus mar seo rinn e ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem.

Gabhaidh iad misneach dhaibh fhèin ann an droch-bheairt; labhraidh iad le chèile mu leagadh ribeachan gu diamhair; is e a their iad, Cò a chì sinn?

Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.

Agus nuair nach b’urrainn i a fhalach na b’fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich agus le pic, agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i e anns a’ chuilc aig bruaich na h‑aibhne.

Ma their iad, Thig leinne, dèanamaid feall-fheitheamh air fuil, laigheamaid am falach airson an neochiontaich gun adhbhar:

Thubhairt mi am chridhe, Teann a‑nis, dearbhaidh mi thu le subhachas; uime sin meal math: ach, feuch, is dìomhanas seo mar an ceudna.

Agus a‑nis thigibh, nochdaidh mise dhuibh ciod a nì mi rim fhìonlios; bheir mi air falbh a challaid, agus ithear suas e; brisidh mi a bhalla, agus bidh e air a shaltairt sìos.

Sluagh a tha an còmhnaidh gam bhrosnachadh gu feirg rim aghaidh; ag ìobradh anns na liosan, agus a’ losgadh tùise air na clachan-creadha;

Tha na clachan creadha air tuiteam, ach togaidh sinn le clachan snaidhte; tha na craobhan sicamoir air an gearradh sìos, ach cuiridh sinn craobhan seudair nan àite.

Tarraing uisge dhut fhèin airson an fheachd, neartaich do dhaingnichean làidir: rach a‑steach don chriadh agus post an làthach; daingnich an àth-chreadha.

Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean:

Ach earalaichibh a chèile gach là, am feadh a ghoirear An Là‑an‑diugh dheth; air eagal gun cruadhaichear neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a’ pheacaidh.

Imichibh a‑nis, sibhse a tha ag ràdh, Thèid sinn an‑diugh no a‑màireach gus a leithid seo de bhaile, agus fanaidh sinn an sin rè bliadhna, agus nì sinn ceannachd, agus gheibh sinn buannachd:

Imichibh a‑nis, a dhaoine saoibhir, dèanaibh gul agus caoidh airson ur n‑àmhghair a tha a’ teachd oirbh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan