Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 11:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Abram agus Nàhor mnathan dhaibh fhèin: b’e ainm bean Abraim Sàrai; agus ainm bean Nahoir Milcah, nighean Hàrain, athair Mhilcah, agus athair Iscah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, A‑thaobh Shàrai do bhean, cha toir thu Sàrai mar ainm oirre, oir is e Sàrah a h‑ainm.

Agus gidheadh is i gu deimhinn mo phiuthar, nighean m’athar, i, ach chan i nighean mo mhàthar; agus bha i agam mar mhnaoi.

Agus an dèidh nan nithean sin dh’innseadh do Abrahàm, ag ràdh, Feuch, rug Milcah mar an ceudna mic dod bhràthair Nàhor:

Agus ghin Betuel Rebecah: an ochdnar sin rug Milcah do Nàhor, bràthair Abrahàim.

Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir.

Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn.

Agus thubhairt i ris, Is mise nighean Bhetueil, mac Mhilcah, a rug i do Nàhor.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan