Agus bha Eber beò ceithir-bliadhna-deug ar fhichead, agus ghin e Peleg:
Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann.
Agus do Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm aoin dhiubh Peleg; oir na làithean-san roinneadh an talamh; agus b’e ainm a bhràthar Ioctan.
Agus bha Salah beò, an dèidh dha Eber a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
Agus bha Eber beò, an dèidh dha Peleg a ghintinn, ceithir cheud agus deich-bliadhna-fichead, agus ghin e mic agus nigheanan.
Agus do Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm aoin dhiubh Peleg, a chionn na làithean-san gun do roinneadh an talamh; agus ainm a bhràthar Ioctan.
Agus thig longan o iomall Chitim, agus nì iad olc air Asur, agus nì iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth.
Mhic Sharuich, mhic Ragau, mhic Phaleic, mhic Ebeir, mhic Shala,