Is iad seo ginealaichean Sheim: Bha Sem ceud bliadhna a dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna an dèidh na dìle:
Agus bha Sem beò, an dèidh dha Arphacsad a ghintinn, còig ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
A‑nis is iad seo ginealaichean Thèrah: ghin Tèrah Abram, Nàhor, agus Hàran; agus ghin Hàran Lot.