Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 11:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h‑aon fhacail aig gach neach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Is iad sin teaghlaichean mic Nòah, a rèir an ginealaichean, nan cinnich: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh an dèidh na dìle.

Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.

Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a‑nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.

Anns an là sin, bidh còig bailtean ann an tìr na h‑Eiphit a’ labhairt cainnt Chanàain, agus a’ mionnachadh do Thighearna nan sluagh; goirear de aon dhiubh Baile an Sgrios.

Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn.

A‑nis, nuair a sgaoileadh an t‑iomradh seo, thàinig an sluagh an ceann a chèile, agus bha iad fo amhluadh, do bhrìgh gun cuala gach aon iad a’ labhairt nan cànain fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan