Genesis 10:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Bha e na shealgair cumhachdach an làthair an Tighearna: uime sin theirear, Amhail mar Nimrod, an sealgair cumhachdach an làthair an Tighearna. Faic an caibideil |
A tha a’ cur theachdairean air an fhairge, agus ann an eathraichean cuilce air aghaidh nan uisgeachan, ag ràdh, Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; gu sluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; gu cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos; aig a bheil a fhearann air a chreachadh leis an h‑aibhnichean.
Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is truagh do na mnathan a tha a’ fuaigheal chluasag ris na h‑uile asgaltan, agus a’ cur bhrèidean air ceann gach aoise, a dhèanamh seilg air anaman. An dèan sibh sealg air anaman mo shluaigh-sa, agus an coimhead sibh beò anaman na muinntir a tha a’ teachd thugaibh?