Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 10:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhith cumhachdach anns an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus mic Chuis: Sèba, agus Habhilah, agus Sabtah, agus Raamah; agus Sabtecha: agus mic Raamah: Sèba, agus Dedan.

Bha e na shealgair cumhachdach an làthair an Tighearna: uime sin theirear, Amhail mar Nimrod, an sealgair cumhachdach an làthair an Tighearna.

Agus is e ainm na dara aibhne Gihon: is i sin a tha a’ cuartachadh tìr Chuis uile.

Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhith cumhachdach air an talamh.

A tha a’ cur theachdairean air an fhairge, agus ann an eathraichean cuilce air aghaidh nan uisgeachan, ag ràdh, Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; gu sluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; gu cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos; aig a bheil a fhearann air a chreachadh leis an h‑aibhnichean.

Agus cuiridh iad fearann Asiria fàs leis a’ chlaidheamh, eadhon fearann Nimroid na dhol a‑steach: mar seo saoraidh iad sinn on Asirianach nuair a thig e a‑chum ar fearainn, agus nuair a shaltras e an taobh a‑staigh dar crìochan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan