Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 10:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Leo sin roinneadh eileanan nan cinneach nan tìrean fhèin; gach aon a rèir a theanga, a rèir an teaghlaichean, nan cinnich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Is iad sin mic Ham, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, agus nan cinnich.

Agus do Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm aoin dhiubh Peleg; oir na làithean-san roinneadh an talamh; agus b’e ainm a bhràthar Ioctan.

Is iad sin teaghlaichean mic Nòah, a rèir an ginealaichean, nan cinnich: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh an dèidh na dìle.

Agus mic Iabhain; Elisa, agus Tarsis, Citim, agus Dodanim.

Agus mic Ham: Cus, agus Midsraim, agus Phut, agus Canàan.

Is iad sin triùir mhac Nòah: agus leo sin lìonadh an talamh uile.

Agus chuir an rìgh Ahasuerus cìs air an tìr, agus air eileanan na mara.

Bheir rìghrean Tharsis agus nan eilean tìodhlacan uapa; bheir rìghrean Shèba agus Shaba tabhartasan dha.

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.

Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain.

Feuch, tha na cinnich mar bhoinne an t‑soithich-uisge; agus measar iad mar dhus mìn na slige-tomhais: feuch, togaidh e suas na h‑eileanan mar smùirnean:

Chunnaic na h‑eileanan, agus ghabh iad eagal; iomallan na tìre, agus bha iad fo uamhas; dhlùthaich iad, thàinig iad am fagas.

Seinnibh don Tighearna òran nuadh; seinnibh a chliù o iomall na talmhainn; sibhse a bhios a’ dol air cuan, agus na h‑uile a tha ga lìonadh; eileanan, agus na h‑uile a tha a chòmhnaidh annta.

Cha tig fàilling no briseadh air gus an suidhich e breitheanas air an talamh; agus feithidh na h‑eileanan air a lagh.

Eisdibh, O eileanan, riumsa; agus thugaibh aire, a shlòigh, o chèin; on bhroinn ghairm an Tighearna mi; o chom mo mhàthar thug e luaidh air m’ainm.

Tha m’fhìreantachd am fagas, tha mo shlàinte air dol a mach, agus nì mo ghàirdean breitheanas air na fineachan; feithidh na h‑eileanan rium, agus ann am ghàirdean cuiridh iad an dòchas.

A rèir an gnìomharan, mar sin bheir e ath-dhìoladh; corraich da naimhdean, dìoghaltas da eascairdean; do na h‑eileanan ìocaidh e dìoghaltas.

Gu deimhinn feithidh na h‑eileanan rium, agus longan Tharsis air thoiseach; a thoirt do mhac o chèin, len airgead agus an òr maille riu; a‑chum ainm an Tighearna do Dhia, agus a‑chum Tì naomh Israeil, oir ghlòraich esan thu.

Oir siùbhlaibh thairis gu crìochan Chitim, agus faicibh; agus cuiribh fios gu Cedar, agus thugaibh geur aire; feuchaibh an do thachair riamh a leithid seo.

Agus do uile rìghrean Thìruis, agus do uile rìghrean Shìdoin, agus do rìghrean nan crìochan a tha an taobh thall den fhairge;

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri Tìrus, Nach criothnaich na h‑eileanan ri fuaim do leagaidh nuair a dh’èigheas a’ mhuinntir leònte, nuair a nìthear an t‑àr ann ad mheadhon?

A‑nis criothnaichidh na h‑eileanan ann an là do leagaidh. Seadh, bidh na h‑eileanan a tha anns an fhairge fo bhuaireadh airson do shiubhail.

Na dhèidh seo tionndaidhidh e a aghaidh ris na h‑eileanan, agus glacaidh e mòran: ach bheir prionnsa air a shon fhèin fa‑near gun sguir am masladh a thug e uaithe: gun mhasladh dha fhèin bheir e air tilleadh airsan.

Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach.

Nuair a roinn an Tì as ro‑àirde do na cinnich an oighreachd, nuair a sgar e mic Adhaimh o chèile, shuidhich e crìochan nan sluagh a rèir àireamh chloinn Israeil:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan