Is iad sin mic Sheim, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, a rèir an cinneach.
Is iad sin mic Ham, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, agus nan cinnich.
Agus bha an àite-còmhnaidh o Mhesa, mar a thèid thu gu Sephar, beinn anns an àird an ear.
Is iad sin teaghlaichean mic Nòah, a rèir an ginealaichean, nan cinnich: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh an dèidh na dìle.
Leo sin roinneadh eileanan nan cinneach nan tìrean fhèin; gach aon a rèir a theanga, a rèir an teaghlaichean, nan cinnich.
Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;