Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 10:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Clann Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann.

Is iad seo ginealaichean Sheim: Bha Sem ceud bliadhna a dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna an dèidh na dìle:

Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Tighearna Dia Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha.

Agus thàinig Pul rìgh Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a‑chum is gum biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd na làimh.

Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Rinn na Caldèanaich suas trì buidhnean, agus thug iad ionnsaigh air na càmhail, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh; agus thàinig mise am aonar a dh’innse dhut.

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.

Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear-creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich.

Agus tha Elam a’ giùlan a’ bhuilg-shaighead, le carbad de dhaoine agus le marc-shluagh; agus tha Cir a’ rùsgadh na sgèithe.

Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.

Agus do uile rìghrean Shimri, agus do uile rìghrean Elaim, agus do uile rìghrean Mhedia;

An sin tha Elam agus a shluagh uile mu thimcheall a uaighe, iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh; chaidh iadsan sìos neo-thimcheall-gheàrrte gu ionadan ìochdarach na talmhainn, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò; gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc.

Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.

Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thug Balac rìgh Mhòaib mise à Aram, o bheanntan na h‑àird an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhòmhsa Iàcob; agus thig, thoir dùbhlan do Israel.

Gidheadh, fàsaichear na Cenich, gus an toir Asur leis thu ann am braighdeanas.

Mhic Chainain, mhic Arphacsaid, mhic Shem, mhic Noe, mhic Lameich,

Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd-àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan