Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 10:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mic Iàpheit; Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A‑nis is iad sin ginealaichean mic Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet: agus rugadh dhaibh mic an dèidh na dìle.

Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann.

Nì Dia Iàphet farsaing, agus còmhnaichidh e ann am bùthan Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha.

Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.

Mo thruaighe mi gu bheil mi air chuairt ann am Mesech, gu bheil mi am chòmhnaidh ann am bùthan Chedair!

Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.

Rinn Dan fòs, agus Iabhan, a’ dol air an ais agus air an aghaidh, malairt ann ad mhargaidhean: bha iarann obraichte, casia agus calamas ann ad mhargadh.

B’e anart grinn, le obair ghrèise on Eiphit, a sgaoil thu a‑mach gu bhith na sheòl dhut: b’e gorm agus purpar o eileanan Elisah an nì sin a sgeadaich thu.

An sin tha Mesech, Tubal, agus a shluagh uile; tha an uaighean ma thimcheall: iad uile neo-thimcheall-gheàrrte, air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, ged a sgaoil iad an uamhas ann an tìr nam beò.

Agus thig thu à d’àite, a‑mach as na h‑àirdean a tuath, thu fhèin agus mòran sluaigh maille riut, iad uile a’ marcachd air eich, buidheann mhòr, agus feachd cumhachdach:

A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Ghog, tìr Mhagog, àrd phrionnsa Mheseich agus Thubail, agus dèan fàistneachd na aghaidh,

Gomer agus a chuideachdan uile; taigh Thogarmach o na h‑àirdean a tuath, agus a uile bhuidhnean; mòran sluaigh maille riut.

Uime sin, dèan thusa, a mhic an duine, fàistneachd an aghaidh Ghog, agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Ghog, àrd-phrionnsa Mheseich agus Thubail:

Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan