Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 10:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an t‑Arbhadach, agus an Semàrach, agus an t‑Hamatach: agus na dhèidh sin sgaoileadh a‑mach teaghlaichean nan Canàanach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus an t‑Hibheach, agus an t‑Harcach, agus an Sineach,

Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.

Nuair a chuala Toi rìgh Hamait gun do bhuail Daibhidh sluagh Hadadeseir uile,

Agus thug rìgh Asiria daoine o Bhàbilon, agus o Chutah, agus o Abha, agus o Hamat, agus o Shepharbhaim, agus shuidhich e iad ann am bailtean Shamaria, an àite chloinn Israeil; agus shealbhaich iad Samaria, agus ghabh iad còmhnaidh na bhailtean.

Agus rinn daoine Bhàbiloin Sucot-benot, agus rinn daoine Chuit Nergal, agus rinn daoine Hamait Asima.

Agus an t‑Arbhadach, agus an Semarach, agus an Hamatach.

Agus sheas Abiah suas air sliabh Shemaraim, a tha ann an sliabh Ephraim, agus thubhairt e, Eisdibh rium, a Ierobòaim, agus Israeil uile.

Nach eil Calno mar Charchemis? Nach eil Hamat mar Arphad? Nach eil Samaria mar Dhamascas?

B’iad luchd-àiteachaidh Shìdoin agus Arbhaid do mharaichean: b’iad do dhaoine glice a bha annad, O Thìrus, luchd-stiùraidh do loingeis.

Agus fòs air Hamat a tha làimh ris; air Tìrus agus air Sìdon, ged tha i ro‑ghlic.

O shliabh Hor comharraichidh sibh ur crìoch gu dol a‑steach Hamait; agus bidh dol a‑mach na crìche gu Sedad.

Agus Bet-arabah, agus Semaraim, agus Betel,

Agus is iad na mòr-bhailtean daingnichte Sidim, Ser, agus Hamat, Racat, agus Cineret,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan