Agus thàinig iad gu Serubabel, agus gu cinn nan athraichean, agus thubhairt iad riu, Togaidh sinne maille ribh; oir tha sinne ag iarraidh ur Dè‑se mar sibh fhèin, agus dhàsan tha sinn ag ìobradh o làithean Esar-hadoin rìgh Asiria, a thug a‑nìos an seo sinn.
Cha dèan Asur ar tèarnadh; air eich cha dèan sinn marcachd: cha mhò a their sinn tuilleadh ri obair ar làmhan fhèin, Is sibhse ar diathan: oir annadsa gheibh an dìlleachdan tròcair.
Agus cuiridh iad fearann Asiria fàs leis a’ chlaidheamh, eadhon fearann Nimroid na dhol a‑steach: mar seo saoraidh iad sinn on Asirianach nuair a thig e a‑chum ar fearainn, agus nuair a shaltras e an taobh a‑staigh dar crìochan.
Agus tàrlaidh, iadsan uile a dh’amhairceas ort, gun teich iad uat, agus their iad, Rinneadh Ninebheh na fàsach, cò a chaoidheas i? Cia as a dh’iarras mi luchd-comhfhurtachd air do shon?