Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile.
Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.
Anns an àm sin, chuir Merodach-baladan, mac Bhaladain rìgh Bhàbiloin, litir agus tìodhlac gu Heseciah; oir chuala e gu robh e tinn, agus gun do shlànaicheadh e.
Fiosraich, guidheamaid ort, den Tighearna air ar son-ne, oir tha Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin a’ cogadh nar n‑aghaidh; a dh’fheuchainn an dèan an Tighearna rinn a rèir a uile bheartan iongantach, a‑chum gun tèid e suas uainn.
An aghaidh fearann nan ceannairceach imich suas; air fhèin, agus air a luchd-àiteachaidh dèan peanas, O chlaidheimh, agus cuir as gu buileach dan gineil, deir an Tighearna, agus coilean gach nì mar a dh’àithn mise dhut.
Agus thug an Tighearna Iehoiacim rìgh Iùdah da làimh, le cuid de shoithichean taigh Dhè, a thug e gu tìr Shìnair, gu taigh a dhè; seadh, thug e na soithichean gu taigh-tasgaidh a dhè.
Siùbhlaibh thairis gu Calneh, agus faicibh; agus rachaibh as a sin gu Hamat mòr: an sin rachaibh sìos gu Gat nam Philisteach: an fheàrr iadsan na na rìoghachdan seo? No a bheil an crìochan nas mò na ur crìoch-se?
Bi ann an saothair, agus beir, O nighean Shioin, mar mhnaoi ri saothair: oir a‑nis thèid thu a‑mach as a’ chathair, agus gabhaidh tu còmhnaidh anns a’ mhachair, agus thèid thu eadhon gu Bàbilon; an sin saorar thu; an sin fuasglaidh an Tighearna thu à làimh do naimhdean.
Agus cuiridh iad fearann Asiria fàs leis a’ chlaidheamh, eadhon fearann Nimroid na dhol a‑steach: mar seo saoraidh iad sinn on Asirianach nuair a thig e a‑chum ar fearainn, agus nuair a shaltras e an taobh a‑staigh dar crìochan.