Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 10:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis is iad sin ginealaichean mic Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet: agus rugadh dhaibh mic an dèidh na dìle.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Mic Iàpheit; Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras.

Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan.

Is e seo leabhar ginealaichean Adhaimh. Anns an là anns an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhè rinn e e;

Agus bha Nòah còig ceud bliadhna a dh’aois: agus ghin Nòah Sem, Ham, agus Iàphet.

Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia.

Agus bheannaich Dia Nòah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh.

Is iad sin triùir mhac Nòah: agus leo sin lìonadh an talamh uile.

Agus b’iad uile làithean Nòah naoi ceud agus lethcheud bliadhna: agus fhuair e bàs.

Agus bithibh-se sìolmhor, agus fàsaibh lìonmhor; ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann.

Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet.

Leabhar ginealach Iosa Crìosd, mhic Dhaibhidh mhic Abrahàim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan