Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Dia an t‑adhar, agus chuir e dealachadh eadar na h‑uisgeachan a bha fon adhar, agus na h‑uisgeachan a bha os cionn an adhair: agus bha e mar sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol, craobh-mheas a bheir a‑mach meas a rèir a gnè, aig a bheil a sìol innte fhèin, air an talamh: agus bha e mar sin.

Agus biodh iad mar sholais ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh: agus bha e mar sin.

Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach an creutair beò a rèir a ghnè, sprèidh, agus gach nì a shnàigeas, agus beathaichean na talmhainn a rèir an gnè: agus bha e mar sin.

Agus thug Dia mar ainm air an adhar Nèamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an dara là.

Agus thubhairt Dia, Cruinnichear na h‑uisgeachan a tha fo nèamh a dh’aon àite, agus leigear ris an tìr thioram: agus bha e mar sin.

A’ ceangal suas nan uisgeachan na neòil, agus cha reubar an neul fodhpa;

Tha e a’ cur thobraichean anns na gleanntan, a tha a’ ruith air feadh nam beann.

Dhàsan a rinn na nèamhan le gliocas, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Molaibh e, a nèamhan nan nèamh, agus uisgeachan a tha os cionn nan nèamh.

Cuiridh na nèamhan an cèill glòir Dhè, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh.

Tha là a’ dèanamh sgeòil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais do oidhche.

Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i.

Ach ghabh na daoine iongantas, ag ràdh, Ciod e a’ ghnè dhuine seo, gu bheil na gaothan fhèin agus an fhairge umhail dha?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan