Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Dia, Biodh adhar ann am meadhon nan uisgeachan, agus cuireadh e dealachadh eadar uisgeachan agus uisgeachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Biodh solais ann an speuran nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche; agus biodh iad airson chomharraidhean, agus airson aimsirean, agus airson làithean, agus bhliadhnachan:

Agus thubhairt Dia, Thugadh na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt an creutair gluasadach anns a bheil beatha, agus biodh eunlaith ag itealaich os cionn na talmhainn air aghaidh speuran nèimh.

Le a spiorad sgeadaich e na nèamhan; dhealbh a làmh an nathair lùbach.

Mar an ceudna le uisgeachadh sgìthichidh e an neul tiugh: sgaoilidh e a neul soillseach.

An do sgaoil thu a‑mach maille ris-san na speuran, a tha làidir, mar sgàthan leaghte?

Tha thu a’ cur solais umad mar thrusgan, a’ sìneadh a‑mach nan nèamh mar chùirtean.

Molaibh e, a nèamhan nan nèamh, agus uisgeachan a tha os cionn nan nèamh.

Molaibh-se an Tighearna. Molaibh Dia na ionad naomh; molaibh e ann an speuran a chumhachd.

Cuiridh na nèamhan an cèill glòir Dhè, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh.

Tha là a’ dèanamh sgeòil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais do oidhche.

Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile.

Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i.

Is esan a tha na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd-àiteachaidh mar fhionnain-fheòir; a tha a’ sìneadh a‑mach nan nèamhan mar sgàil thana, agus gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnaidh;

Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.

Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan.

Fàistneachd facal an Tighearna. A‑thaobh Israeil, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ sgaoileadh a‑mach nan nèamh, agus a’ suidheachadh stèidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spiorad duine an taobh a‑staigh dheth:

Oir tha iad aineolach air seo de an deòin, gu robh na nèamhan ann o chian, agus an talamh na sheasamh as an uisge, agus anns an uisge, tre fhacal Dhè:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan