Agus thug Dia mar ainm air an tìr thioraim Talamh; agus air cruinneachadh nan uisgeachan thug e mar ainm Fairgeachan: agus chunnaic Dia gu robh e math.
Agus thug an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol a rèir a gnè, agus craobh a bheir a‑mach meas, aig a bheil a sìol innte fhèin, a rèir a gnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
Agus rinn Dia beathaichean na talmhainn a rèir an gnè, agus an sprèidh a rèir an gnè, agus gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.