Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic Dia gach nì a rinn e, agus, feuch, bha e ro‑mhath. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an siathamh là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an treas là.

Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ceathramh là.

Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an còigeamh là.

Agus thug Dia mar ainm air an t‑solas Là, agus air an dorchadas thug e mar ainm Oidhche. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ciad là.

Agus thug Dia mar ainm air an adhar Nèamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an dara là.

Agus chrìochnaich Dia air an t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e.

Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich e e: do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o a obair uile a chruthaich Dia agus a rinn e.

Nuair a sheinn reultan na maidne cuideachd, agus a rinn uile mhic Dhè gàirdeachas?

Cia lìonmhor d’obraichean, a Thighearna! Ann an gliocas rinn thu iad gu lèir; tha an talamh làn led shaoibhreas.

Bheir thusa dhaibh, cruinnichidh iadsan; fosglaidh tu do làmh; sàsaichear iad le math.

Mairidh glòir an Tighearna gu bràth; nì an Tighearna gàirdeachas na obraichean.

Is math thusa, agus nì thu math; teagaisg dhomh do reachdan.

Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.

Eadar mise agus clann Israeil is comharradh i a‑chaoidh; oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, agus air an t‑seachdamh là sguir e, agus ghabh e fois.

Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.

Rinn e gach nì maiseach na àm fhèin: chuir e mar an ceudna an saoghal nan cridhe, air chor is nach urrainn aon duine an obair fhaotainn a‑mach a tha Dia a’ dèanamh, o thoiseach gu deireadh.

Nach ann o òrdagh an Tì as ro‑àirde a thig olc agus math?

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

Oir tha gach nì a chruthaich Dia math, agus chan ion nì sam bith a dhiùltadh, a ghabhar le breith-buidheachais:

Oir tha e air a naomhachadh le facal Dhè agus le ùrnaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan