Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan.
Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.
Cha bhi a’ ghrian agad nas fhaide mar sholas anns an là; cha mhò a bhios dealradh na gealaich gad shoillseachadh; ach bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus do Dhia na ghlòir agad.
Agus is e seo an dìteadh, gun tàinig an solas don t‑saoghal, agus gun do ghràdhaich daoine an dorchadas nas mò na an solas, a chionn gu robh an gnìomharan olc.
Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.
Neach na aonar aig a bheil neo-bhàsmhorachd, a tha na chòmhnaidh anns an t‑solas a dh’ionnsaigh nach faodar teachd; neach nach faca duine sam bith, agus nach mò a dh’fhaodas e fhaicinn: dhàsan gu robh urram agus cumhachd sìorraidh. Amen.
Agus is i seo an teachdaireachd a chuala sinn uaithesan, agus a tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, gur solas Dia, agus nach eil dorchadas air bith annsan.
A‑rìs, tha mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, nì a tha fìor annsan agus annaibhse: do bhrìgh gun d’imich an dorchadas thairis, agus gu bheil a‑nis an solas fìor a’ dealrachadh.