Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Dia, Dèanamaid duine nar dealbh fhèin, a rèir ar coslais fhèin, agus biodh uachdaranachd aca os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn na sprèidhe, agus os cionn na talmhainn uile, agus os cionn gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a‑chum is nach tuig iad cainnt a chèile.

Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaichean na machrach, agus uile eunlaith nan speur; agus thug e iad a‑chum Adhaimh, a dh’fhaicinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge bè ainm a thug Adhamh air gach creutair beò, b’e sin a b’ainm dha.

Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh:

Is e seo leabhar ginealaichean Adhaimh. Anns an là anns an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhè rinn e e;

Ge bè a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear a fhuil-san: oir ann an dealbh Dhè rinn e an duine.

Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche,

An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha?

Oir ri clachan na machrach bidh tu ann an coicheangal; agus bidh fiadh-bheathaichean na machrach ann an sìth riut.

Biodh fhios agaibh gur e an Tighearna as Dia ann; is e a rinn sinn, agus cha sinn fhèin; is sinn a shluagh, agus caoraich a ionaltraidh-san.

Biodh Israel aoibhneach na Chruithear; dèanadh clann Shioin gàirdeachas nan Rìgh.

Feuch, an nì seo a‑mhàin fhuair mi, gun do rinn Dia an duine ionraic; ach dh’iarr iad fhèin iomadh innleachd a‑mach.

Sreathan òir nì sinn dhut, le ballachan airgid.

Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.

Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh, agus is tusa ar fear-deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe.

Agus a‑nis thug mi na dùthchannan seo uile do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, m’òglach; agus beathaichean na machrach fòs thug mi dha, gu frithealadh dha.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.

Ach fhreagair Iosa iad, Tha m’Athair ag obrachadh gus a‑nis, agus tha mise ag obrachadh.

Oir tha thu a’ toirt nithean àraidh neo-ghnàthach a‑chum ar cluasan: b’àill leinn uime sin fios fhaotainn ciod as ciall dhaibh sin.

Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;

Oir gun amharas cha chòir do fhear a cheann a chòmhdachadh, do bhrìgh gur e ìomhaigh agus glòir Dhè: ach is i a’ bhean glòir an fhir.

Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.

Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.

Agus gun cuir sibh umaibh an nuadh-dhuine, a tha air a chruthachadh a rèir Dhè ann am fìreantachd agus am fìor-naomhachd.

Neach as e ìomhaigh an Dè neo-fhaicsinnich, ciad-ghin a’ chruthachaidh uile:

Agus gun do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e:

Oir tha gach uile ghnè fhiadh-bheathach, agus eunlaith, agus nithean snàigeach, agus nithean anns an fhairge, air an ceannsachadh: agus cheannsaicheadh iad leis a’ chinne-daonna:

Leathase tha sinn a’ beannachadh Dhè, eadhon an t‑Athar; agus leathase tha sinn a’ mallachadh dhaoine, a rinneadh a rèir coslas Dhè.

Oir tha triùir a tha a’ dèanamh fianais air nèamh, an t‑Athair, am Facal, agus an Spiorad Naomh: agus an triùir sin is aon iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan