Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an talamh gun dealbh agus falamh; agus bha dorchadas air aghaidh na doimhne. Agus bha Spiorad Dhè a’ gluasad air aghaidh nan uisgeachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn?

Tha e a’ sìneadh na h‑àird a tuath os cionn an ionaid fhalaimh, a’ crochadh na talmhainn air neoni;

Nuair a rinn mi neul na thrusgan dhi, agus tiugh dhorchadas na chrios-pasgaidh dhi;

Na dhèidh bheir e air a shlighe soillseachadh: saoilidh neach an t‑aigean a bhith liath.

Cuiridh tu a‑mach do spiorad, cruthaichear iad; agus ath-nuadhaichidh tu aghaidh na talmhainn.

Leis an doimhneachd, mar le trusgan, chòmhdaich thu e; sheas na h‑uisgeachan os cionn nam beann.

Dhàsan a shìn an talamh os cionn nan uisgeachan, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Molaibh an Tighearna on talamh, a dhràgonan agus a dhoimhneachdan uile.

Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile.

Mun robh doimhneachdan ann, ghineadh mise; nuair nach robh tobraichean ann, làn de uisgeachan.

Mar eunlaith ag itealaich os cionn an àlaich, mar sin dìonaidh Tighearna nan sluagh Ierusalem; le dìonadh saoraidh e i; agus le leum thairis tèarnaidh e i.

Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Chunnaic mi an talamh, agus, feuch, bha e gun dealbh agus falamh; na nèamhan fòs, agus bha iad gun solas.

Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais.

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.

Mar a charaicheas iolair suas a nead, a dh’itealaicheas i os cionn a h‑àlaich, a sgaoileas i a‑mach a sgiathan, a ghabhas i iad, a ghiùlaineas i iad air a sgiathan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan