Agus a riaghladh anns an là, agus anns an oidhche, agus a chur dealachaidh eadar an solas agus an dorchadas: agus chunnaic Dia gu robh e math.
Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ceathramh là.
Tha a dol a‑mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig na crìochan, agus chan eil nì air bith a dh’fhalaichear o a teas.
Mar seo deir an Tighearna, a tha a’ toirt na grèine airson solas an là, òrdaighean na gealaich agus nan reultan airson solais anns an oidhche, a tha a’ dèanamh na fairge ciùin, tràth bhios a tuinn a’ beucaich; Tighearna nan sluagh is e a ainm.