Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh.
An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.
Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall.
Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.
Mar seo deir an Tighearna, a tha a’ toirt na grèine airson solas an là, òrdaighean na gealaich agus nan reultan airson solais anns an oidhche, a tha a’ dèanamh na fairge ciùin, tràth bhios a tuinn a’ beucaich; Tighearna nan sluagh is e a ainm.
Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.
Tha aon ghlòir aig a’ ghrèin, agus glòir eile aig a’ ghealaich, agus glòir eile aig na reultan; oir tha eadar-dhealachadh eadar reul agus reul a‑thaobh glòire.
Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.