Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Dia, Biodh solais ann an speuran nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche; agus biodh iad airson chomharraidhean, agus airson aimsirean, agus airson làithean, agus bhliadhnachan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

43 Iomraidhean Croise  

Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an treas là.

Agus biodh iad mar sholais ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh: agus bha e mar sin.

Am feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm an t‑sìl-chur agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche.

Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, agus bidh e na chomharradh coicheangail eadar mise agus an talamh.

A bheil àireamh air bith air a shlòigh? Agus cò air nach èirich a sholas?

Amhairc eadhon air a’ ghealaich, agus cha dealraich i; agus chan eil na rionnagan glan na shealladh.

Dorchaichear reultan a dùbhra; amhairceadh i airson solais, ach na tigeadh e; agus na faiceadh i rosgan na maidne:

A rèir d’òrdaighean tha iad buan gus an‑diugh, oir is iad na h‑uile do sheirbhisich.

Molaibh e, a ghrian agus a ghealach; molaibh e, uile reultan solais.

Agus dhaingnich e iad gu saoghal nan saoghal; rinn e àithne nach tèid thairis.

Molaibh-se an Tighearna. Molaibh Dia na ionad naomh; molaibh e ann an speuran a chumhachd.

Anns a’ ghealaich nuaidh sèidibh an trompaid, anns an àm shuidhichte, air là ar fèille.

Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall.

Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.

Mar seo deir an Tighearna, a tha a’ toirt na grèine airson solas an là, òrdaighean na gealaich agus nan reultan airson solais anns an oidhche, a tha a’ dèanamh na fairge ciùin, tràth bhios a tuinn a’ beucaich; Tighearna nan sluagh is e a ainm.

Mar seo deir an Tighearna, Ma dh’fhaodar leibh mo choicheangal-sa ris an là a bhriseadh, agus mo choicheangal ris an oidhche, agus nach bi là no oidhche ann nan àm fhèin;

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mura eil mo choicheangal-sa ris an là agus ris an oidhche; reachdan nèimh agus na talmhainn mura do shocraich mi;

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh geata na cùirte a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird an ear, druidte rè nan sia làithean obrach: ach air an t‑sàbaid bidh e fosgailte, agus air là na rè nuaidh bidh e fosgailte.

Agus air là na rè nuaidh bheir e tarbh òg gun ghaoid, agus sia uain, agus reithe: bidh iad gun ghaoid.

Bidh ball-chrith air an talamh romhpa, criothnaichidh na nèamhan: bidh a’ ghrian agus a’ ghealach dorcha, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh.

Dorchaichear a’ ghrian agus a’ ghealach, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh.

Iarraibh esan a tha a’ dèanamh nan seachd reultan agus Orion; agus a’ tionndadh sgàil a’ bhàis gu madainn, agus a nì an là dorcha mar an oidhche: a tha a’ gairm air uisgeachan na fairge, agus gan dòrtadh a‑mach air aghaidh na talmhainn; is e Iehòbhah a ainm:

Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, gun toir mise air a’ ghrèin dol fodha air mheadhon-là, agus nì mi an talamh dorcha anns an là shoilleir.

Ag ràdh, Càit a bheil rìgh sin nan Iùdhach a tha air a bhreith? Oir chunnaic sinne a reul anns an àird an ear, agus tha sinn air teachd a thabhairt adhraidh dha.

Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

Ach anns na làithean sin, an dèidh an àmhghair ud, bidh a’ ghrian air a dorchachadh, agus cha toir a’ ghealach a solas uaipe;

Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat-roinn an teampaill na mheadhon.

Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.

Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac-aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil;

Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.

Agus dh’fhosgail e sloc an dubh-aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan