Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an treas là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thug an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol a rèir a gnè, agus craobh a bheir a‑mach meas, aig a bheil a sìol innte fhèin, a rèir a gnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.

Agus thubhairt Dia, Biodh solais ann an speuran nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche; agus biodh iad airson chomharraidhean, agus airson aimsirean, agus airson làithean, agus bhliadhnachan:

Agus chunnaic Dia gach nì a rinn e, agus, feuch, bha e ro‑mhath. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an siathamh là.

Agus thug Dia mar ainm air an t‑solas Là, agus air an dorchadas thug e mar ainm Oidhche. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ciad là.

Agus thug Dia mar ainm air an adhar Nèamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an dara là.

Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan