Agus thug an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol a rèir a gnè, agus craobh a bheir a‑mach meas, aig a bheil a sìol innte fhèin, a rèir a gnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol, craobh-mheas a bheir a‑mach meas a rèir a gnè, aig a bheil a sìol innte fhèin, air an talamh: agus bha e mar sin.
Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach.
A‑nis an tì a bheir sìol don fhear-chuir, agus aran a‑chum bìdh, gun tugadh e agus gum meudaicheadh e ur curachd-se, agus gun tugadh e do thoradh ur fìreantachd fàs.)
Oir an talamh a dh’òlas a‑steach an t‑uisge a tha a’ teachd gu minig air, agus a bheir uaithe luibhean iomchaidh don dream leis an saothraichear e, gheibh e beannachadh o Dhia: