Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Dia mar ainm air an tìr thioraim Talamh; agus air cruinneachadh nan uisgeachan thug e mar ainm Fairgeachan: agus chunnaic Dia gu robh e math.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic Dia an solas, gu robh e math: agus chuir Dia dealachadh eadar an solas agus an dorchadas.

Mairidh glòir an Tighearna gu bràth; nì an Tighearna gàirdeachas na obraichean.

A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir agus gach nì a tha annta; a ghleidheas fìrinn gu bràth;

Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean-tasgaidh.

Is leis an fhairge, oir is e a rinn i, agus dhealbh a làmh an talamh tioram.

Agus thubhairt e riu, Is Eabhraidheach mi, agus tha eagal an Tighearna Dia nèimh orm, an Tì a rinn an cuan agus an talamh tioram.

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan