Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 1:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

67 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Heseciah ùrnaigh an làthair an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna Dhè Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, is tu fhèin Dia, thusa ad aonar, Dia uile rìoghachdan na talmhainn: is tu a rinn na nèamhan agus an talamh.

Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach; ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan.

Agus fhreagair Huram rìgh Thìruis ann an sgrìobhadh, a chuir e a dh’ionnsaigh Sholaimh, A chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna da shluagh, rinn e thusa ad rìgh os an cionn.

Is tusa, is tusa ad aonar an Tighearna: rinn thu na nèamhan, nèamhan nan nèamh agus an slòigh uile, an talamh agus gach nì a tha air, na cuantan agus gach nì a tha annta, agus tha thu gan cumail suas uile; agus tha slòigh nan nèamh a’ dèanamh adhraidh dhut.

Le a spiorad sgeadaich e na nèamhan; dhealbh a làmh an nathair lùbach.

Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn? Innis, ma tha tuigse agad.

A sgaoileas a‑mach na nèamhan na aonar, agus a shaltras air tonnan na fairge:

O chian leag thu bunaitean na talmhainn, agus is iad na nèamhan obair do làmh.

Cia lìonmhor d’obraichean, a Thighearna! Ann an gliocas rinn thu iad gu lèir; tha an talamh làn led shaoibhreas.

Cuiridh tu a‑mach do spiorad, cruthaichear iad; agus ath-nuadhaichidh tu aghaidh na talmhainn.

Is beannaichte sibhse on Tighearna, a rinn na nèamhan agus an talamh.

Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Beannaicheadh an Tighearna thu a Sion, a rinn nèamh agus talamh.

Dhàsan a rinn na nèamhan le gliocas, oir gu bràth mairidh a thròcair;

A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir agus gach nì a tha annta; a ghleidheas fìrinn gu bràth;

Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile.

Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

Nuair a dh’amhairceas mi air do nèamhan, obair do mheur; air a’ ghealaich agus na reultan, a shuidhich thu;

Cò e an duine gum biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gum fiosraicheadh tu e?

Mun do ghineadh na beanntan, agus mun do dhealbh thu an talamh agus an cruinne-cè, eadhon o bhithbhuantachd gu bithbhuantachd is tusa Dia.

Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach, ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan.

Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.

Le gliocas shuidhich an Tighearna an talamh; le tuigse shònraich e na nèamhan.

Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta:

O Thighearna nan sluagh, a Dhia Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban; is tusa fhèin ad aonar Dia uile rìoghachdan na talmhainn; is tu a rinn na nèamhan agus an talamh.

Nach d’fhuair sibh fios? Nach cuala sibh sgeul? Nach do chuireadh an cèill dhuibh o thùs? Nach do thuig sibh o leagadh bunaitean na talmhainn?

Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall.

Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh.

Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:

Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin;

Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor-eagal ort gach là, airson corraich an fhir-shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir-shàrachaidh?

Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu; a shuidheachadh nan nèamhan, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh.

Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.

Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan.

Ah, Thighearna Dhia, feuch, rinn thusa nèamh agus an talamh led mhòr-chumhachd agus led ghàirdean sìnte a‑mach, agus chan eil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ort.

Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan.

Fàistneachd facal an Tighearna. A‑thaobh Israeil, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ sgaoileadh a‑mach nan nèamh, agus a’ suidheachadh stèidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spiorad duine an taobh a‑staigh dheth:

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios.

Agus ag ràdh, A dhaoine, carson a tha sibh a’ dèanamh nan nithean seo? Oir is daoine sinne aig a bheil co‑aigne ribh fhèin, a’ searmonachadh dhuibhse tilleadh o na nithean dìomhain sin a‑chum an Dè bheò, a rinn nèamh agus an talamh, agus an cuan, agus na h‑uile nithean a tha annta:

An Dia a rinn an saoghal, agus na h‑uile nithean a tha ann, do bhrìgh gur e fhèin Tighearna nèimh agus na talmhainn, chan eil e a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh-dhèante:

Agus nuair a chuala iadsan seo, thog iad suas a dh’aon inntinn an guth ri Dia, agus thubhairt iad, A Thighearna, is tusa an Dia a rinn nèamh agus talamh, agus an fhairge, agus na h‑uile nithean a tha annta:

Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.

Gidheadh dhuinne chan eil ach aon Dia, an t‑Athair, om bheil na h‑uile nithean, agus sinne air a shon-san; agus aon Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil na h‑uile nithean, agus sinne trìdsan.

Agus gun dèanainn soilleir do na h‑uile dhaoine, ciod e comann an rùin-diamhair sin, a bha falaichte ann an Dia o thoiseach an t‑saoghail, a chruthaich na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd;

Agus, Leag thusa, a Thighearna, bunaitean na talmhainn air tùs; agus is iad na nèamhan obraichean do làmh:

Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;

Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.

Oir tha gach uile thaigh air a thogail le aon-eigin; ach an tì a thog na h‑uile nithean, is e Dia.

Oir tha iad aineolach air seo de an deòin, gu robh na nèamhan ann o chian, agus an talamh na sheasamh as an uisge, agus anns an uisge, tre fhacal Dhè:

An nì a bha ann o thùs, an nì a chuala sinne, a chunnaic sinn le ar sùilean, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmhan a‑thaobh facal na beatha;

Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò:

Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge.

Agus thubhairt e rium, Tha e dèante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch: bheir mi dhàsan, air a bheil tart, de thobar uisge na beatha gu saor.

Is mise Alpha agus Omega, an tùs agus a’ chrìoch, an ciad neach agus an neach deireannach.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:

Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan