Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail na h‑Iùdhaich an naimhdean uile le buille a’ chlaidheimh, agus àir, agus sgrios; agus rinn iad mar a bu mhiann leo orrasan a dh’fhuathaich iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh an clann a‑steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu romhpa luchd-àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, agus thug thu thairis nan làimh iad fhèin agus an rìghrean, agus sluagh na tìre, a dhèanamh riu mar a bu mhiann leo.

Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean-ruith gu uile mhòr-roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich.

Anns an tug an rìgh cead do na h‑Iùdhaich, a bha anns gach baile, cruinneachadh an ceann a chèile, agus seasamh airson an anama, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do uile neart sluaigh agus mòr-roinne a thigeadh nan aghaidh, araon an clann bheag agus am mnathan, agus an creach a thogail,

Agus ann an Susan an lùchairt mharbh na h‑Iùdhaich agus sgrios iad còig ceud fear.

Mar chrann-pailme thig am fìrean fo bhlàth; mar sheudair air Lebanon fàsaidh e suas.

Uime sin thoir thusa thairis an clann don ghorta, agus thoir orra leaghadh as le neart a’ chlaidheimh; biodh am mnathan air am fàgail gun chlann, agus iad nam bantraichean, agus faigheadh am fir bàs leis a’ phlàigh, agus marbhar an òganaich anns an àraich leis a’ chlaidheamh.

Do bhrìgh gur ceart an nì do Dhia àmhghar ìocadh dhaibhsan a tha a’ cur àmhghair oirbh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan